Taghta BBC Radio nan Gàidheal
-
- Gobierno
Sreath de phodcastan bho sgioba nan naidheachdan a’ toirt sgrìob tro na cuspairean as cudromaiche ‘sna naidheachdan an diugh.
A series of podcasts from BBC Naidheachdan, looking at the most important topics in the news today.
-
Taghadh 2024: Toiseach na h-iomairt
Anndra MacFhionghain a' bruidhinn ri sgioba phoilitigeach BBC Naidheachdan is iomairt an taghaidh air tòiseachadh.
-
Eòrpa: Nagorno-Karabakh
San t-Sultain, theich còrr is 100,000 neach à Nagorno-Karabakh - cha mhòr a' falamhachadh na sgìre. Tha sgioba Eòrpa air a bhith a' bruidhinn ri cuid de na fògarraich sin gus na cunntasan pearsanta aca fhaighinn. Sa phodcast seo tha an sgioba a' bruidhinn mun sgeulachd is a' togail air na cunntasan sin.
-
An Cunntas-sluaigh agus a' Ghàidhlig
Dòmhnall Moireasdan le sùil air cunntas-sluaigh 2022 is dealbh measgaichte airson na Gàidhlig.
-
Sgainneal na Fala Truaillte
Eadar an 1970n agus na 1990n chaidh 30,000 duine a ghannrachadh le Hepatitis C agus HIV an dèidh dhaibh stuthan fala fhaighinn bhon NHS. Cho-dhùin rannsachadh poblach, a mhair sia bliadhna, gun deach am fàiligeadh uair an dèidh uair le dotairean, an NHS agus riaghaltasan. Dhearbh Riaghaltas Westminster gun tèid sgeama airgead dìolaidh a chur an sàs agus gum faigh feadhainn a' chiad chuibhreann dheth as t-samhradh. Beagan uairean a thìde an dèidh do bhuil an rannsachaidh a bhith air fhoillseachadh, fhuair Anndra MacFhionghain cothrom bruidhinn ris an Urr Susaidh Roberts. Chaochail a h-athair, John Kenneth Algie, an dèidh dha fuil fhaighinn a bha air a thruailleadh le Hepatitis is HIV.
-
RNLI nan Eilean @200 Pàirt 2
San dàrna podcast a’ comharrachadh 200 bliadhna den RNLI tha Shona NicDhòmhnaill còmhradh ri triùir aig a bheil dlùth-cheangal ri sgioba bhàta-teasairginn Bharraigh.
-
RNLI nan Eilean @200 Pàirt 1
Leis an RNLI a’ comharrachadh 200 bliadhna tha Dòmhnall Moireasdan a’ còmhradh ri feadhainn a bha agus a tha an sàs ann an sgioba bhàta-teasairginn an t-Òib.