18本のエピソード

Fàilte gu Oideas - sreath de dh’agallamhan mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus Sreath 3 air fàire. Anns gach pod-chraolaidh bidh Gwen NicGuaire a bruidhinn ri sàr-eolaichean foghlaim mun dreuchd, na dùbhlain agus na fuasglaidhean as fheàrr.

Welcome to Oideas! Series 3 is coming! Oideas is a podcast about Gaelic medium education. In each programme Gwen MacQuarrie talks to secondary or primary school experts about the role, challenges and best solutions in Gaelic education.

Oideas Gwen MacQuarrie

    • 教育

Fàilte gu Oideas - sreath de dh’agallamhan mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus Sreath 3 air fàire. Anns gach pod-chraolaidh bidh Gwen NicGuaire a bruidhinn ri sàr-eolaichean foghlaim mun dreuchd, na dùbhlain agus na fuasglaidhean as fheàrr.

Welcome to Oideas! Series 3 is coming! Oideas is a podcast about Gaelic medium education. In each programme Gwen MacQuarrie talks to secondary or primary school experts about the role, challenges and best solutions in Gaelic education.

    Oideas 3.4 Lisa NicDhòmhnaill

    Oideas 3.4 Lisa NicDhòmhnaill

    Bho bhith teagasg sa bhun-sgoil ann an Ulapul, gu bhith sgrìobhadh bàrdachd, gu bhith dèanamh PhD air luchd-obrach nan tràth ìrean - tha an t-uamhas aig Lisa NicDhòmhnaill ri bruidhinn mu dheidhinn sa phrògram sa.

    Tha i fhèin is Gwen NicGuaire cuideachd a còmhradh mu a slighe ann an teagasg, an obair a tha i dèanamh stiùireadh chùrsaichean aig Sabhal Mòr Ostaig, agus an dleastanas a tha air tidsear a bhith nan tosgairean fad an t-siubhail. Abair prògram!

    Tha an leabhar bàrdachd aig Lisa ri fhaighinn an seo:
    https://nwhgeopark.com/product/mnathan-na-coigach-the-women-of-coigach/

    Seo Eilidh, a tha i bruidhinn mu dheidhinn sa phrògram:

    https://www.scottishpoetrylibrary.org.uk/poem/eilidh/

    Chaidh am prògram a chlàradh a ghearradh le Iain MacDiarmaid aig Telt Media:

    www.telt.media

    Agus tha tuilleadh fiosrachaidh mu fhoghlam Gàidhlig agus na slighean teagaisg aig Sabhal Mòr Ostaig ri fhaotainn an seo:

    https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/

    • 35分
    Oideas 3.3 Lauren Mhoireasdan

    Oideas 3.3 Lauren Mhoireasdan

    A bheil cothroman gu leòr ann do shlighe a dhèanamh gu bhith nad cheannard san àrd-sgoil, agus a bheil e nas duilghe nuair a tha thu ag obair ann Gàidhlig ann an sgìrean dùthchail? Tha sin am measg na tha Lauren Mhoireasdan, ceannard ùr Àrd-sgoil Cheann Loch Lìobhann, a' bruidhinn ri Gwen mu dheidhinn. Tha iad cuideachd a' cabadaich mu mar a dh' ionnsaich Lauren a' Ghàidhlig, agus mu cho sònraichte is sgapte sa tha sgìre sgoile an Òbain.

    Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn aig

    https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/

    Chaidh am prògram a' chlàradh 's a' ghearradh le Telt Media

    www.telt.media

    https://www.kinlochlevencampus.co.uk

    https://www.obanhigh.argyll-bute.sch.uk

    https://www.smo.uhi.ac.uk/cursaichean-canain/

    • 45分
    Oideas 3.2 Anne Mhàrtainn

    Oideas 3.2 Anne Mhàrtainn

    Chuir Anne Mhàrtainn seachad iomadh bliadhna cuideachadh clann le feumalachdan a bharrachd, agus tha an còmhradh seo leatha làn eòlais, gliocas agus lèirsinn. Dè an diofar a
    th' ann eadar foghlam Gàidhlig is Beurla? Ciamar a nì thu deuchainn dyslexia nuair a tha pàiste fhathast a togail bunaitean na Gàidhlig? Tha i stiùireadh Gwen tron phròiseas, a
    thuilleadh air a bhith còmhradh mun obair aice a niste a' teagasg an fheadhainn as òige sa sgoil. 

    Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn aig:

    https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/

    Chaidh am prògram a' chlàradh 's a' ghearradh le Telt Media:

    https://www.telt.media
     
    Tuilleadh fiosrachadh mu dyslexia: https://dyslexiascotland.org.uk/online-learning/

    • 33分
    Oideas 3.1 – Luchd-teagaisg Foghlam Thidsearan

    Oideas 3.1 – Luchd-teagaisg Foghlam Thidsearan

    Fàilte air ais gu Oideas airson sreath 3. Sa phrògram seo, tha mi fhèin, Gwen NicGuaire timcheall bùird le mo cho-obraichean ann am Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig.

    Bidh mise agus Shona NicCarmaig, Katie Wight agus Lynsey NicFhionnlaigh a’ freagairt na ceistean agaibhse - dè an t-amas a tha aig Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig? Carson a tha sinn teagasg nan tidsearan? No, dè thug tlachd dhuinn sa chlas?


    Tha an eapasòd seo cuideachd ri fhaotainn air bhideo air Spotify agus aig YouTube.

    https://youtube.com/@OideasPod?feature=shared

    Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn cùrsaichean teagasg aig Sabhal Mòr Ostaig thèid:

    https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/

    Tha fhathast tìde gu leòr agaibh àite fhaighinn air na cùrsaichean againn 'son 2024/25!

    • 40分
    Oideas – Sreath 3, Blasad!

    Oideas – Sreath 3, Blasad!

    Tha sreath ùr Oideas an ìmpis tòiseachadh. Sreath ùr, le prògram bhideo sònraichte. Bidh sinne a tha teagasg nan tidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig a' bruidhinn ri chèile agus a’ freagairt na ceistean agaibhse.

    Sin Oideas Sreath 3, Diardaoin 28 Màrt. Agus son a’ chiad uair, cuideachd ri fhaotainn air YouTube aig Oideaspod.

    Nota - tha sinn trang ag obair air prògram bhideo son Diardaoin an 28mh Mhàirt 2024, ach, chan eil bhideo air nochdadh air Spotify neo Google gu ruige seo. Seo fear fuaim a-mhàin mar dheuchainn is sinn a' strì an toirt thugaibh air gach inneal.

    Leig sibh fios thugainn air oideaspod@gmail.com ma mhothaicheas sibh gum faic agus gun cluinn sibh e.
    has context menu

    • 1分
    • video
    Oideas, Sreath 3 – Blasad!

    Oideas, Sreath 3 – Blasad!

    Tha sreath ùr Oideas an ìmpis tòiseachadh. Sreath ùr, le prògram bhideo sònraichte. Bidh sinne a tha teagasg nan tidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig a' bruidhinn ri chèile agus a’ freagairt na ceistean agaibhse.

    Sin Oideas sreath 3, Diardaoin 28 Màrt. Agus son a’ chiad uair, cuideachd ri fhaotainn air YouTube aig Oideaspod.

    • 1分

教育のトップPodcast

英語で雑談!Kevin’s English Room Podcast
ケビン (Kevin's English Room)
6 Minute English
BBC Radio
英語聞き流し | Sakura English/サクラ・イングリッシュ
SAKURA English School
Hapa英会話 Podcast
Jun Senesac: バイリンガル 英会話 & ビジネス英語 講師
All Ears English Podcast
Lindsay McMahon and Michelle Kaplan
TED Talks Daily
TED

その他のおすすめ