7 episodes

Outdoor expert Kenny Rankin takes us to some of the most enthralling corners of Scotland. He is joined by series director Hamish MacLeod as they discuss the uniqueness of each location and also the wider world of outdoor adventuring.

Dàna: Scotland’s Wild Side BBC Sounds

    • Science

Outdoor expert Kenny Rankin takes us to some of the most enthralling corners of Scotland. He is joined by series director Hamish MacLeod as they discuss the uniqueness of each location and also the wider world of outdoor adventuring.

    Ep 6 | Rùm

    Ep 6 | Rùm

    Anns a' phod-chraolaidh seo, tha na gillean Dàna Coinneach agus Hamish a’ cuimhneachadh le toileachas air an turas a ghabh iad gu ruige Eilean Rùm, àrd os cionn na neòil a’ coiseachd An Cuiltheann Rumach le seallaidhean do-chreidsinneach. ‘S dòcha nach eil An Cuiltheann Rumach a cheart cho aithnichte ‘s a tha An Cuiltheann Sgitheanach, ach tha eireachdas anns na slèibhtean seo nach faicear an àite sam bith eile. Tha na gillean ag aontachadh gur e seo fear dheth na tursan a b’ fhèarr a bh’ aca riamh. Deagh dhòigh gus crìoch a chuir air an t-sreath!
    In this podcast our bold boys Coinneach and Hamish reminisce with fondness about their trip to the Isle of Rum, traversing the incredible skyline of the Rum Cullin, high above the clouds, enjoying the unforgettable views. The Rum Cullin might be less well-traversed than their Skye counterparts, but these mountains possess a unique beauty to be found nowhere else. The boys give this adventure a resounding 10 out of 10, agreeing that it was their best trip ever. A perfect end to a superb series!

    • 21 min
    Ep 5 | Sulabhein

    Ep 5 | Sulabhein

    Tha na gillean Dàna Coinneach agus Hamish a’ cnuasachadh air an turas gu ruige Beinn Sulabhein. Cluinnear dè cho doirbh ’s a bha e dhaibh a bhith a’ ruith druim Beinn Sulabhein bho aon cheann chun a’ chinn eile, a’ fiolmadh aig an aon àm agus a’ strì an-aghaidh biastagan mhòra!
    Tha ìomhaigh nan trì stùcan aig Beinn Sulabhein air fear dheth na seallaidhean dràmadach an Alba. A’ seasamh a-mach a mòinteach Asainte, tha am beann seo agus na tha mu chuairt oirre, a’ tabhann chothroman gun chrìoch agus cuairtean-dànachd.
    Our Dàna boys Coinneach and Hamish chat through their trip to Ben Suilven. They talk about the difficult attempt to run the iconic Suliven ridge from one end to the other, film at the same time, whilst also contending with huge scary insects!
    The three-peaked silhouette of Suilven is one of the most dramatic sights found in Scotland’s landscape. Jutting straight up from the Assynt moorland, the mountain and its surroundings offer limitless opportunities for exploration and adventure.

    • 18 min
    Ep 4 | Gleann Comhann

    Ep 4 | Gleann Comhann

    Anns a’ chlàradh seo tha na gillean Dàna Coinneach agus Hamish a’ bruidhinn air dìreadh is riuth thar raontan is slèibhtean Gleann Comhann. Tha sgìre Gleann Comhann air a bhith na raon-cluiche fad linntinn dhan an fheadhainn a tha dèidheil air beanntan agus stùcan àrda. Tha na gillean a’ toirt tarraing air an àrd sreapadair Èireannach Matt Glenn a bha còmhla ri Coinneach air an t-slighe. Ann an sìde chaochlaideach chaidh aig Coinneach agus Matt air sgeir chas a shreap agus dh’fheuch na gillean Dàna seo ris an gnothach a dhèanamh air a’ bheinn ainmeil ‘An t-Aonach Eagach’. Mar is àbhaist bha spòrs gu leòr an luib a ghnothaich, gu seach àiridh air cùlaibh a’ chamara, mar a chluinnear anns a’ chlàradh seo.
    In this podcast Coinneach and Hamish chat about the full range of what the Glencoe mountains have to offer. Glencoe has been a playground for the vertically inclined for well over a century. The guys chat about being joined in this episode by the Irish alpinist Matt Glenn. We hear the boys tell all the ins and outs about the changeable, challenging Scottish weather while Coinneach and Matt attempted to ascend a legendary rock route and contend with the infamous ‘Devil’s Staircase’. As ever there was plenty of fun to be had behind the camera as is plainly evident from this podcast!

    • 22 min
    Ep 3 | Loch Laomainn

    Ep 3 | Loch Laomainn

    Anns a’ phrògram seo, tha na gillean Dàna - Coinneach agus an stiùiriche Hamish - a’ bruidhinn mu dheidhinn turas a rinn Coinneach air bòrd-seasamh air Loch Laomainn, a’ falbh le bòrd agus ràmh air an astair bho Bhaile MoThatha gu Àird Laoigh. Tha Loch Laomainn a’ tàladh na mìltean luchd-turais gach bliadhna agus anns an earrann seo bha Coinneach nam measg. Fo sgàil feadhainn dha na beanntan is àghmhoire an Alba, tha Coinneach agus Hamish a’ cuimhneachadh air mar a chuir e a dhruim ris an eallach, a’ spàrn an-aghaidh fìor dhroch shìde, agus a’ cadal fo chanabhas air eilean beag an teis-meadhan na locha. Tha meas as ùire aig Coinneach a-nis airson an loch àlainn, ainmeil seo.
    In this podcast, the bold Dàna boys - Coinneach and director Hamish - talk about the trip Coinneach took on his paddleboard on Loch Lomond. This beautiful loch attracts thousands of visitors every year, and Coinneach talks about how he joined their numbers attempting to paddle the vast distance between Balmaha and Ardlui. In the shadow of some of Scotland’s most imposing mountains, Coinneach and Hamish talk about how this challenge pushed the limits of his endurance, as he contended with extreme weather, and spent a night on a miniature island in the middle of the loch. It was an incredible achievement and reawakened Coinneach’s appreciation for this famous Scottish loch.

    • 17 min
    Ep 2: Eilean Leòdhais

    Ep 2: Eilean Leòdhais

    Thèid am podcast seo an cois sreath de phrògraman air BBC ALBA air a bheil Dàna | Scotland’s Wild Side. Anns na clàraidhean seo, tha an stiùiriche Hamish Macleòid agus am preasantair dàna Coinneach MacFhraing a’ bruidhinn mu dheidhinn gach earrann, na h-àiteachan agus na dùbhlain air an tàinig iad tarsainn.
    Ged nach eil Eilean Leòdhais aithnichte airson a chuid bheanntan, tha e a’ tabhainn mathagan sgorrach dhan an fheadhainn Dàna a tha deònach a dhol a dh’ionnsaigh na h-Eileanan A-Muigh. Anns an earrann seo, tha Coinneach agus Hamish a’ meòrachadh air an turas a ghabh iad air slèibhtean Ùig ann an Eilean Leòdhais, a’ dol an sàs ann a sgeir fhada, chas àrd os cionn na mara agus mar a bha iad a’ cothachadh an aghaidh droch shìde nan Eilean Siar. Cluinnear mar a thàinig orra an cuid plànaichean atharrachadh an deis meadhan gnothach ri linn creagan a bha gu math sleamhainn agus cunnartach.
    Tha na sreapadairean dealasach seo ag obair uamhasach fhèin math còmhla agus tha an càirdeas seo a’ tighinn tarsainn ann a dòigh a tha saorsnail, ionnsaichte agus èibhinn aig amannan cuideachd.

    • 18 min
    Ep 1: Gleann Nibheis

    Ep 1: Gleann Nibheis

    Thèid am podcast seo an cois sreath de phrògraman air BBC ALBA air a bheil Dàna | Scotland’s Wild Side. Anns na clàraidhean seo, tha an stiùiriche Hamish Macleòid agus am preasantair dàna Coinneach MacFhraing a’ bruidhinn mu dheidhinn gach earrann, na h-àiteachan agus na dùbhlain air an tàinig iad tarsainn.
    Anns a' chiad earrann, tha Coinneach a’ siubhal gu ruige Gleann Nibheis agus tha e a’ dol a’ chuir roimhe sgeir air a bheil ‘Storm’ a shreap. Tha ‘Storm’ air a fùcadh am meadhan Poll Dubh, fear dhe na h-àiteachan is ainmeil ann an saoghal sreap. Bidh e mar fhiachaibh air na sgilean a dh’ionnsaich e thar nam bliadhnaichean a chuir gu feum agus cuideachadh fhaighinn bho dheagh charaid. Tha Hamish agus Coinneach a’ bruidhinn gu fosgailte mu dheidhinn cho doirbh ‘s a bha e a bhith a’ fiolmadh air na creagan agus cuideachd cho fìor fhada ‘s a bha iad a’ clàradh a h-uile rud.
    Tha na sreapadairean dealasach seo ag obair uamhasach fhèin math còmhla agus tha an càirdeas seo a’ tighinn tarsainn ann a dòigh a tha saorsnail, ionnsaichte agus èibhinn aig amannan cuideachd.

    • 21 min

Top Podcasts In Science

24 spørgsmål til professoren
Weekendavisen
Hva så?! forklarer alt
Christian Fuhlendorff
10 formler, der forandrede verden
DM Akademikerbladet
KRANIEBRUD
Radio4
Brainstorm
Videnskab.dk
Videnskabeligt Udfordret
Mark Lyng, Flemming D. Nielsen, Nikolaj V. Hansen