Oideas Gwen MacQuarrie
-
- Education
Fàilte gu Oideas - sreath de dh’agallamhan mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus Sreath 3 air fàire. Anns gach pod-chraolaidh bidh Gwen NicGuaire a bruidhinn ri sàr-eolaichean foghlaim mun dreuchd, na dùbhlain agus na fuasglaidhean as fheàrr.
Welcome to Oideas! Series 3 is coming! Oideas is a podcast about Gaelic medium education. In each programme Gwen MacQuarrie talks to secondary or primary school experts about the role, challenges and best solutions in Gaelic education.
-
Oideas 3.6 Wilma NicUalraig
An aon tidsear a bhith agad fad seachd bliadhna sgoile. Ciamar a tha sin dha na sgoilearan, agus ciamar a tha e dhan tidsear? Sin an dearbh shuidheachadh a tha aig Wilma NicUalraig is i leatha fhèin a' teagasg Gàidhlig ann am bun-sgoil ann am Farfar. Tha i a’ còmhradh le Gwen mu dheidhinn sin, a slighe fhèin gu teagasg, mu bhith cleachdadh seann òrain sa chlas, mu bhith cruthachadh stòras de ghoireasan, agus mu phròis ‘sa Ghàidhlig.
Tha an leabhar air Frances Tolmie a tha Wilma agus Gwen a’ bruidhinn mu dheidhinn ri fhaotainn an seo:
https://acairbooks.com/product/books/gun-sireadh-gun-iarraidh-the-tolmie-collection-paperback/
Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn aig: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
Chaidh am prògram a' chlàradh 's a' ghearradh le Telt Media: https://www.telt.media/
Seo am prògram mu dheireadh de Shreath 3. Taing mhòr ‘son a bhith ag èisteachd, leigibh fhaicinn ur beachdan! -
Oideas 3.5 Lesley Hayes
Thòisich Lesley Hayes a slighe le Gàidhlig nuair a bha i fhèin na pàrant. Ghluais i an teaghlach air fad dhan Eilean Sgitheanach gus fileantas a’ righinn aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha i niste na Prìomh Thidsear ann an sgoil ann am Baile Dhubhtaich a’ teagasg sa chànan.
Tha i fhèin is Gwen a bruidhinn mun slighe sin. Mu mar a chaidh Lesley an aghaidh moladh na Comhairle ‘son a’ bhliadhna probhaidh aice, agus na dòighean iogantach a dh’ionnsaich i airson sgoilearan a’ chuideachadh le matamataig.
Chaidh am prògram a chlàradh a ghearradh le Iain MacDiarmaid aig Telt Media:
www.telt.media
Agus tha tuilleadh fiosrachaidh mu fhoghlam Gàidhlig agus na slighean teagaisg aig Sabhal Mòr Ostaig ri fhaotainn an seo:
https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ -
Oideas 3.4 Lisa NicDhòmhnaill
Bho bhith teagasg sa bhun-sgoil ann an Ulapul, gu bhith sgrìobhadh bàrdachd, gu bhith dèanamh PhD air luchd-obrach nan tràth ìrean - tha an t-uamhas aig Lisa NicDhòmhnaill ri bruidhinn mu dheidhinn sa phrògram sa.
Tha i fhèin is Gwen NicGuaire cuideachd a còmhradh mu a slighe ann an teagasg, an obair a tha i dèanamh stiùireadh chùrsaichean aig Sabhal Mòr Ostaig, agus an dleastanas a tha air tidsear a bhith nan tosgairean fad an t-siubhail. Abair prògram!
Tha an leabhar bàrdachd aig Lisa ri fhaighinn an seo:
https://nwhgeopark.com/product/mnathan-na-coigach-the-women-of-coigach/
Seo Eilidh, a tha i bruidhinn mu dheidhinn sa phrògram:
https://www.scottishpoetrylibrary.org.uk/poem/eilidh/
Chaidh am prògram a chlàradh a ghearradh le Iain MacDiarmaid aig Telt Media:
www.telt.media
Agus tha tuilleadh fiosrachaidh mu fhoghlam Gàidhlig agus na slighean teagaisg aig Sabhal Mòr Ostaig ri fhaotainn an seo:
https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ -
Oideas 3.3 Lauren Mhoireasdan
A bheil cothroman gu leòr ann do shlighe a dhèanamh gu bhith nad cheannard san àrd-sgoil, agus a bheil e nas duilghe nuair a tha thu ag obair ann Gàidhlig ann an sgìrean dùthchail? Tha sin am measg na tha Lauren Mhoireasdan, ceannard ùr Àrd-sgoil Cheann Loch Lìobhann, a' bruidhinn ri Gwen mu dheidhinn. Tha iad cuideachd a' cabadaich mu mar a dh' ionnsaich Lauren a' Ghàidhlig, agus mu cho sònraichte is sgapte sa tha sgìre sgoile an Òbain.
Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn aig
https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
Chaidh am prògram a' chlàradh 's a' ghearradh le Telt Media
www.telt.media
https://www.kinlochlevencampus.co.uk
https://www.obanhigh.argyll-bute.sch.uk
https://www.smo.uhi.ac.uk/cursaichean-canain/ -
Oideas 3.2 Anne Mhàrtainn
Chuir Anne Mhàrtainn seachad iomadh bliadhna cuideachadh clann le feumalachdan a bharrachd, agus tha an còmhradh seo leatha làn eòlais, gliocas agus lèirsinn. Dè an diofar a
th' ann eadar foghlam Gàidhlig is Beurla? Ciamar a nì thu deuchainn dyslexia nuair a tha pàiste fhathast a togail bunaitean na Gàidhlig? Tha i stiùireadh Gwen tron phròiseas, a
thuilleadh air a bhith còmhradh mun obair aice a niste a' teagasg an fheadhainn as òige sa sgoil.
Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn aig:
https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
Chaidh am prògram a' chlàradh 's a' ghearradh le Telt Media:
https://www.telt.media
Tuilleadh fiosrachadh mu dyslexia: https://dyslexiascotland.org.uk/online-learning/ -
Oideas 3.1 – Luchd-teagaisg Foghlam Thidsearan
Fàilte air ais gu Oideas airson sreath 3. Sa phrògram seo, tha mi fhèin, Gwen NicGuaire timcheall bùird le mo cho-obraichean ann am Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig.
Bidh mise agus Shona NicCarmaig, Katie Wight agus Lynsey NicFhionnlaigh a’ freagairt na ceistean agaibhse - dè an t-amas a tha aig Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig? Carson a tha sinn teagasg nan tidsearan? No, dè thug tlachd dhuinn sa chlas?
Tha an eapasòd seo cuideachd ri fhaotainn air bhideo air Spotify agus aig YouTube.
https://youtube.com/@OideasPod?feature=shared
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn cùrsaichean teagasg aig Sabhal Mòr Ostaig thèid:
https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/
Tha fhathast tìde gu leòr agaibh àite fhaighinn air na cùrsaichean againn 'son 2024/25!